top of page
Muir is Tir Logo_edited.png

‘S e co-roinn eadar eileanaich, buidhnean ionadail, iomairtean gnàth-shìde agus luchd-rannsachaidh foghlaim innleadaireachd, eigeòlas mara, ealain agus corpeòlas a tha ann am Muir is Tìr. Ag obrachd ann an compàirt, tha sinn airson gnìomhan-rian nàdarra a’ lorg, a chuireas casg air milleadh na h-oirthir ach a tha, aig an aon àm, a’ brosnachadh na h-eigeòlas.

Togaidh ar n-obair air compàirteachadh eadar coimhearsnachdan agus rannsachadh saidheans àrainneachd.  Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh na h-Àrainneachd gus 31 An Dàmhair 2028.

Air Cùl a’ Phròiseict

Tha Barraigh agus Bhatarsaigh, anns na h-Eileanan an Iar ann an Alba, air leth eireachdail agus nan dachaigh do bheathaichean agus planntrais annasach, an dà chuid air an talamh agus anns a’ mhuir.  A dh’aindeoin seo, tha dùbhlan mu choinneamh nan daoine – atharrachadh na h-oirthir (faic Plana Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh, 2023).  Tha àird na mara air a bhith ag èirigh air feadh Alba agus thathar an dùil gur ann nas àirde a dh’ èireas i air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde. (Airson tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air na h-aithisgean a’ leanas; IPCC, CREW agus Amartunga 2022).  Aig an àm seo, tha fior dhroch shìde a’ toirt buaidh air siubhal, seirbheisean, ceanglaichean teaghlaich agus ceanglaichean sòisealta, croitearachd agus eaconamaidh na eilean.  Nì tuilleadh atharrachadh air a’ chost an suidheachadh nas miosa.  Aig a’ cheann thall, bithidh seo a’ toirt buaidh air togalaichean, siubhal agus seirbheisean.  Air sgàth sin, tha feum air gabhail ris na h-atharraichean seo ann an dòigh a tha a’ dìon beatha agus beòshlàint.  Tha e san amharc aig Muir is Tìr gnìomhan-rian nàdarra a thoirt gu ìre a chuireas ceart co-rian na h-àrainneachd, agus a lùghdaicheas an cron a tha air a dhèanamh leis a’ ghnàth-shìde.  Thèid freagairt a thoirt dhan dùbhlan seo le bhith a’ cleachdadh eòlas ionadail mun oirthir agus mun obair a thathar a’ dèanamh gus a gleidheadh, airson agus nach bi buaidh na gnàth-shìde cho cruaidh air eigeòlas nan eilean, neo air a’ choimhearsnachd.

Com-pàirtichean

  • Eilean le Cothromachadh Carboin, Barraigh

  • Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh

  • Comataidh Cladh Bhuirgh

  • Comann Coimhearsnachd Bhatarsaigh

  • Croitearan Eòlaigearraidh

  • Club Nautilus

Na Làraich

Cladh Bhuirgh, Borgh

Thathar den bheachd gur e seo fear de na ciad bailtean Criosdail a chaidh a stèidheachadh ann am Barraigh, a’ dol cho fad air ais ri 700 AD. Chan ann a-mhàin gu bheil e na àite cudromach a thaobh eachdraidh, le ginealaichean de theaghlaichean air an tiodhlacadh ann, tha e cuideachd cudromach a thaobh arc-eòlas.  Tha buaidh tonnan a’ Chuain Shiair air milleadh a dhèanamh air pìos de bhalla a’ chladh.

Bhatarsaigh – An Traigh an Ear ’s an Traigh an Iar agus Am Meallach

Tha am fearann eadar an dà bhàgh ann am Bhatarsaigh a’ ceangal an dà phàirt den eilean còmhla.  Tha an Cuan Siar anns an Iar agus an Cuan Sgìth chun an Ear.  Tha am bearradh anns an dà bhàgh a’ crìonadh air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde.  Tha an t-àite cuideachd trang le luchd-turais tron earrach agus tron t-samhradh.

​

Tràigh Eòlaigearraidh

Thàinig atharrachadh mòr air an oirthir ann an Eòlaigearraidh, aig ceann an ear-thuath Bharraigh, a thaobh cnàmh an fhearainn.  Tha seo a’ toirt buaidh air na croitean.

 

Fon Mhuir

Bheir a’ phlanntrais anns a’ mhuir agus na creutairean a tha a’ còmhnaidh mun tràigh buaidh air neart nan stuadhan agus an ìre milleadh a nì iad air an oirthir. ‘S e stòr nàdarra de charboin a tha anns a’ phlanntrais seo agus bithidh i a’ brosnachadh slàinte na sìde.

Bithidh sinn a’ sireadh eòlas mun t-seòrsa planntrais a tha a’ fàs anns a’ mhuir, càite a bheil iad a’ fàs agus gu dè bhuaidh a tha aca air neart nan stuadhan.

Modhan Rannsachaidh

Tha Muir is Tìr mothachail gum feumar tuigse fhaighinn air beachdan coimhearsnachd, dualchas sòisealta agus cultarail, an eaconamaidh agus saidheans gus dèiligeadh ri atharraichean a thaobh na h-àrainneachd.  Mar bhuidheann ioma-chuspaireach, tha sinn a’ coimhead air caochladh dòighean obrach gus ar n-eòlas air a’ chuspair a leudachadh.

 

Rannsachadh aig muir agus air tìr

Thèid an rannsachadh a dhèanamh le Amanda Vestergaard, ag obrachadh ann an co-phàirt ri muinntir an àite gus eòlas fhaighinn agus stuth a chruinneachadh.  Bidh rannsachadh aig na trì làraich air:

  • luibhean

  • a’ coimhead air àrainneachd agus eigeòlas

Le cuideachadh bho mhuinntir an àite, steidhichidh sinn lìonradh de stèiseanan sìde gus tuigse fhaighinn air an diofar sìde agus a’ bhuaidh a th’ aice ann an diofar cheàrnaidhean den eilean.

 

Rannsachadh air planntrais mara agus làthach-shaillte ann am Barraigh agus Bhatarsaigh – thathar a’ sìor aithneachadh gur e stòr carboin a tha san làthach-shaillte.  Clàraidh sinn gach bad làthach-shaillte anns na h-eileanan.

Clàr Aodaich

Tha sinn a’ dealbhachadh clàr de Bharraigh agus Bhatarsaigh a tha air a dhèanamh a-mach à aodach.  Bithidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ceàirde ionadail gus sgeulachdan agus cuimhneachain a chlàradh tro mheadhain ealain.  Bheir am mapa còmhla eachdraidh shòisealta oirthir nan eilean agus eòlas saidheansail, a gheibhear tron rannsachadh a thèid a dhèanamh an lùib a’ phròiseict.  Leanaidh an obair air a’ mhapa tro bhliadhnaichean an rannsachaidh.

Air Cùl a’ Phròiseict
Com-pàirtichean
Na Làraich
Modhan Rannsachaidh
Clàr Aodaich

Project contacts

​

Mary Ann Ferguson -

maryann@barra-vatersay.org.uk

 

or 

muiristir@gcu.ac.uk

Glasgow Caledonian University logo PNG_22519.png
ECA LOGO 2014 BLACK.jpg
UKRI logo minimum size print_edited.jpg
CBAB lg_lb (1).jpg

Copyright © 2025 Muir is Tir  |  Website built by Bùth Bharraigh Ltd

bottom of page