top of page

Thadhail Paul Rooney air Barraigh agus Bhatarsaigh

  • Muir is Tir
  • 1 day ago
  • 5 min read

Tha an t-Ollamh Pòl Rooney na neach-saidheans àrainneachdail aig a bheil spèis gu h-eadar-nàiseanta, le ùidh shònraichte ann an dùintean-gainmhich. 

Chanadh e fhèin gu bheil e na “nerd” mu dhùintean-gainmhich.

Thadhail e gus a bheachdan a thoirt don sgioba agus don choimhearsnachd mu dhùintean-gainmhich Bharraigh agus Bhatarsaigh, agus mar as fheàrr as urrainn dhuinn an cùram a ghabhail dhiubh. Chuir e seachad ùine air an làraich còmhla ri buidhnean de sgoilearan bho Bhun-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil agus Bun-sgoil Eòlaigearraidh. 

 

Seo beachdan na cloinne air turas chun na tràghad air latha gaothach anns an Fhaoilleach.




Anna

Mar as trice bidh Diluain gu math dòrainneach, ach cha robh an Diluain seo dòrainneach idir! Cha b’ e Diluain àbhaisteach a bha seo san sgoil! Fhuair a h-uile duine ann an C7 an cothrom a dhol gu Tràigh an Iar ann am Bhatarsaigh airson pròiseact crìonadh a' chladaich leis am buidheann Muir is Tìr!

Bha dìnnear tràth againn aig leth-uair an dèidh aon uair-deug. Às dèidh dìnnear rinn sinn loidhne agus choisich sinn dhan bhus. Cha do thachair mòran air a’ bhus agus bha sinn dìreach a’ buridhinn ri chèile. Nuair a ràinig sinn an talla, choisich sinn a-steach agus choinnich sinn ris na daoine a bha gar cuideachadh leis a’ phròiseact seo.

An uair sin dh’innis Pòl, Heather, Amanda agus Mary Anne dhuinn dè na bha againn ri dhèanamh. An uair sin dh’fhalbh sinn agus choisich sinn tarsainn na machrach àlainne chun an tràigh bhrèagha, ghaothach.

Nuair a ràinig sinn an tràigh, ghabh sinn uile fasgadh fo dhùn-gainmhich agus bhruidhinn Pòl rinn mu phròiseas dùin-ghainmhich. Bha e uabhasach gaothach ach rinn sinn a’ chuid as fheàrr dheth co-dhiù! Chaidh sinn nar buidhnean de thrì, agus fhuair sinn camara Polaroid, agus bha againn ri dealbhan a thogail de rudan co-cheangailte ri dùn-gainmhich. B’ urrainn dhuinn deich dealbhan a thogail. Às dèidh dhuinn na dealbhan a thogail, bha againn ri sgrìobhadh air notaichean beaga mu na dealbhan a thog sinn.

Nuair a bha sin deiseil, chaidh sinn air ais dhan talla agus sgrìobh sinn mu ar dealbhan ann an leabhar-sgeidse agus chuir sinn a-steach dhan leabhar iad. An uair sin chaidh sinn air a’ bhus air ais dhan sgoil.

B’ e latha sgoinneil a bh’ ann ged a bha e fuar is gaothach! Dh’ionnsaich mi tòrr rudan ùra agus seo an dà phìos fiosrachadh as fheàrr leam - fàsaidh freumhan muran sìos agus a-mach fon talamh gus an gainmheach a chumail ri chèile, agus gu bheil loidhnichean anns an dùn a sealltainn dhuinn gun robh an dùn a’ fàs nas motha.





 

Calum

Air Diluain an 25mh dhen Fhaoilleach, chaidh mise agus mo charaidean ann an C7 gu Bhatarsaigh còmhla ri sgioba Muir is Tìr gus ionnsachadh mu chrìonadh a' chladaich mar phàirt den phròiseact a tha aca tro na h-eileanan.

An toiseach, bha dìnnear tràth againn aig 11:30m agus an uair sin chaidh sinn air bus a-null gu Bhatarsaigh aig mu 12:10f.

Thug e mu dheich mionaidean air a’ bhus gus talla Bhatarsaigh a ruighinn agus nuair a ràinig sinn an sin choinnich sinn ri Heather, Pòl, Amanda agus Mary Anne.

Bhruidhinn Heather rinn fad greiseag mu na bha sinn a’ dol a dhèanamh.

Às dèidh sin choisich sinn gu Tràigh an Iar Bhatarsaigh agus nuair a ràinig sinn bha e glè ghaothach agus fuar! Dh’innis Pòl dhuinn mu ghainmheach - mar a tha i air a dèanamh agus mar a tha dùintean-gainmhich air an cruthachadh.

An uair sin, nuair a bha Pòl deiseil a’ bruidhinn, dh’fhalbh sinn a thogail dhealbhan le camarathan Polaroid.

Nuair a bha sinn uile deiseil a’ togail nan dealbhan, choisich sinn air ais dhan talla. Ràinig sinn an talla agus chuir sinn ar dealbhan ann an leabhar mòr.

An ceann greiseag ràinig am bus agus chaidh sinn air ais dhan sgoil.

Chòrd an turas rium oir fhuair sinn greis a-mach às an sgoil! Dh’ionnsaich mi gu bheil a’ ghainmheach a’ tòiseachadh anns a’ mhuir agus gu bheil i air a sèideadh suas an tràigh, agus cuideachd gu bheil feamainn a’ cruthachadh dùintean-gainmhich beaga.



Sandy

Bha mi a’ smaoineachadh gur e Diluain sàmhach eile a bhiodh ann, ach bha mi ceàrr…. Bha cothrom gu bhith aig C7 a dhol gu tràigh an iar ann am Bhatarsaigh mar phàirt den phròiseact crìonadh a' chladaich leis am buidheann Muir is Tìr!

An toiseach, bha dìnnear tràth againn aig mu 12:15f. An uair sin chaidh sinn air bus gu Bhatarsaigh agus nuair a ràinig sinn an sin, dh’ionnsaich sinn mu dhùintean-gainmhich agus mar a tha iad air an cruthachadh. An uair sin dh’innis Heather dhuinn gun robh sinn a’ dol a thogail dhealbhan de chearcall-beatha na gainmhich.

Nuair a ràinig sinn an tràigh, thòisich sinn. Chaidh a h-uile duine airson nan dealbhan as fheàrr fhaighinn agus an fhiosrachadh as fheàrr mu dhùintean-gainmhich, agus mar sin bha an t-sealg a’ dol! Nuair a fhuair a h-uile duine na bha a dhìth orra, chaidh sinn air ais gu talla Bhatarsaigh. Fhuair sinn na dealbhan agus chuir sinn ann an òrdugh iad, gan cur ann an sreath leis na notaichean beaga.

Nuair a chrìochnaich sinn, leum sinn air ais air a’ bhus agus chaidh sinn air ais dhan sgoil. Nuair a ràinig sinn air ais bha e 2:30f agus mar sin rinn sinn beagan obair agus an uair sin bha an t-àm ann airson a dhol dhachaigh.

Chòrd an turas seo rium gu mòr! Tha mi a smaoineachadh gur e dòigh iongantach a bh’ ann airson ionnsachadh mu ghainmheach agus dùintean-gainmhich agus an cearcall-beatha aca! A-nis innsidh mi dhuibh dà phìos fiosrachaidh mu ghainmheach;

• tòisichidh dùintean-gainmhich nuair a ghlacas gainmheach air rudan mar fheamainn no feur

• seallaidh loidhnichean dorcha ann an dùintean-gainmhich gun robh feur no lusan eile ann uaireigin.



Megan

Tha gainmheach cool! :) Air Diluain an 26mh dhen Fhaoilleach, chaidh C7 gu Bhatarsaigh airson pròiseact Muir is Tìr.

Aig 9.00m bha cruinneachadh againn leis an sgoil air fad. An uair sin fhuair C7 dìnnear tràth. Bha ceapaire hama agam bho mo bhogsa-bìdhe.

As dèidh sin chaidh sinn air a’ bhus gu Bhatarsaigh agus shuidh sinn anns an talla fad greiseag. An uair sin choisich sinn tarsainn a’ mhachaire chun an tràigh. Chruinnich sinn ri chèile fo dhùn-gainmhich agus dh’innis Pòl dhuinn fiosrachadh inntinneach mu ghainmheach agus dùintean-gainmhich. An uair sin dh’innis e dhuinn mu na bha againn ri dhèanamh. Bha againn ri dealbhan Polaroid a thogail den dùn-gainmhich agus a sgrìobhadh mu dhèidhinn air notaichean beaga.

Mu dheireadh, thill sinn dhan talla agus chuir sinn na dealbhan ann an leabhar-sgeisde. An uair sin chaidh sinn air a’ bhus air ais dhan sgoil agus an uair sin chaidh sinn dhachaigh.

Chòrd am pròiseact rium gu mòr! Dh’ionnsaich mi gur e sreathan ùire a th’ anns na loidhnichean dorcha anns na dùintean-gainmhich agus gun deach a’ ghainmheach a chruthachadh aig àm na Linn Deighe nuair a bha deigh air a bhleith le creagan gu bhith na gainmheach.

Comments


image001.jpg
ECA LOGO 2014 BLACK.jpg
Natural Environment Research Council (NERC),
part of UK Research and Innovation
UKRI_NERC_Horizontal_RGB_edited.png
CBAB lg_lb (1).jpg
01-standard-black-text_edited.png

Copyright © 2026 Muir is Tir  |  Website built by Bùth Bharraigh Ltd

bottom of page